Skip to main content

Full text of "Marbhrann do Dhomhnul Munro"

See other formats


Digitized by the Internet Archive 
in 2013 



http://archive.org/details/marbhranndodhomh1853mori 



: 



MARBHRANN 



DHOMHNUL MUNRO. 



IAIN MORISTON. 



GLASGOV7: 

PRINTED BY JOHN GILLIES, 303 ARGYLE ST, 

FOR JOHN MUNRO, 89 HOSPTTAL STREET. 



MDCCCLIII. 



Rinkeadh am Marbh-rann a leanas air an "f hir- 
ean chòir" agus ainmeil, Dòmhnull Munro, leis an 
duine chomasach dhiadhaidh a dh 'èug o cheann 
ghoirid sna Hearadh, Iain Moristan, mu'm faoidte 
a ràdh an là dh'eug e, "gu'n do thuit Uachclaran 
agus duinemòr ann an Israel,"agus d'am b'f hearr 
"là a bhàis, no là a bhreith." neach nach d'f hàg a 
leithid eile sa Chinneach-Ghàidhealach a thaobh a 
ghibhtean, agus a thàlann mar Bhàrd. 

Kugadh an duine cliuiteach so Dòmhnull Munro, 
an sgìre Phort-righ 's an Eilean sgiathanach, mu'n 
cuairt do'n bhliadhna 1773. Agus chaill e 'fhradh- 
arc ann an laithean òige leis a Bhric, mu'n d'f hosg- 
ail an Tighearna sùilean inntinn, gu bhi a faicinn 
agus a' cur an cèill, saibhreas do-rannsachaidh 
Chriosd d'a cho-pheacaich, a thaobh an robh iad- 
san dall ge d' bha fradharc an sùl aca. Bhàsaich 
e air a bhliadhna^l830. An dèigh na stiùbhard- 
achd a fhuair e o'n Tighearna a choimhlionadh gu 
dileas, a chum glòir Dhè, agus slàinte iomadh an- 
am neo-bhàsmhor d'am bheil "a chuid is mò beò gus 
a nis, ach tha cuid diubh nan cadal." 'San là an robh 
aineolas agus dorchadas a còmhdachadh na Tìre 
agus nach robh "guth an turtuir, ach ainmig r'a 
chluinntinn innte", gidheadh 'san là dhorcha sin 
thog e suas 'na aonar Bratach, agus Fianuis Iosa 
Criosd, agus chum e suas iad araon gu treun gulà 
a chriche, an aghaidh iomadh doinionn uamhasach 
a shèid air, is gann is urrainn do dhaoine, anns an 
là mheagh-bhlàth^ so a thuigsinn, no a ghabhail a 
stigh, a thaobh "gu'n do sheas an Tighearna làimh 
ris, agus gu'n do neartaich se e, do bhrìgh gu'n do 
raheas e dìleas e'\ 

Cha bhiodh e dhomhsa, ach ionann is dìomhain 
facal a ràdh'mu chliù an duine dhiadhaidh so "oir 
bha deadh-theist aige o na h-uile dhaoine, agus o'n 
f hirinn fèin" agus ge d bhithinnse cho comasach, 
agus cho fòghluimte ri aon duine 'san Tìr, cha 
tigeadh aon ni a b'urrainn mi 'ràdh mu dhèibhinn, 
ach fada, fada goirid air na tha'n Dàn so fèin a' 
cur an cèill d'a chliù. 

I. 3/. G. 



[AcrostickJ Anns am bheil a cheud litir do gach 
sreath a deanamh suas nafacail a leanas, Roimh - 
radh do bheatha Dhomhnuil Munro. 

R uibhse tha guth anns an dàn so 

! luchd siubhail an f hàsaich, 

1 s tha 'g imeachd 'nar tràillean 
M ar ri sàtan na truaigh'; 

H o! nach gabh sibh gu tràthail 

R is a J ghlaodh tha o'n àirde 

A nn an tròcair shaor ghràsmhor 

D hè trid fàbhair an Uain; 

H-'àr ro mhòr, a's creach làidir 

D huibh bidh cinnteach mur tàr sibh, 

bhinn pheacannan gràineil, 
B ha 'gar tàladh 's gach uair, 
H-aon tha feumach an tràth's air, 
E isdibh cuireadh na slàinte 

A gus gealladh 'na ghràdh dhuibh, 

T hogas dhàsan sibh suas. 

H o! grad theich 's thig na chòdhail 

A ghabhail seilbh air a thròcair, 

D haingnich briathran a bheòil dhuibh, 

H-àmhghar mòr bhi 'teachd dlùth 

O'n tha gealladh a' ghlòire; 

M òr mu ghabhas tu còir air, 

H o! dean cabhag 's e'n t'òir ort, 

N uair tha chòmhla neo-dhùint', 

U aith' bidh do sgaradh do-bhrònach 

1 meachd t-anma gu dòruinn, 
L eis gach mallachd a's dòlas 
M ar do thròcair nach lùb, 

U! bidh do leir-sgrios gu'n dòchas, 
N i gu'n f heum bidh do dheòir dhuit t 
R igh nan dùl dheanamh tròcair 
O rt ma dheònaich a rùn. 2. 31. 



MARBHRANN 



DHOMHNUL MUNRO. 



Bidh cuimhn' is iomradh an còmhnuidh 
Air na fireanaibh còire, 
Dh-ullaich Criosd 'na thròcair 
A' chùm na glòire tha shuas, 
Is bidh an dàn so 'na chòmhradh, 
A' cuir an cèill ann an òrdugh, 
Cliù is bèus an deadh òglaich 
Dòmhul Munro 'na mbr-bhuadh, 
A dhaingnich fianuis na chòir-san 
Ann an Ios' f had's bu bheò e, 
'Sa shaoithrich dian ann an còmhrag, 
Air taobh a' ghlòir' fad a chuairt' 
Fo àrd-bhrataich na mòrachd, 
'Sna ghabh e dìon ann an dòchas, 
Fo'n ghabh e fasgadh an còmhnuidh 
'Sa bha 'ga chòmhdach mu'n cuairt. 



6 

'S aobhar iùndrain 'san uair's thu 
Do mhòr àireamh mu'n cuairt duit, 
A rinn thu f hàgail nan truaghain 
Fo thròm smuairin a'd' dhèigh, 
Na lìonas t'àite cha d'fhuair iad 
Ann an gibhtean 'sam buadhan: 
Leis gach tiodhlaca luachmhor 
A thàinig 'nuas ort o nèamh, 
*'S mar rinn gràs an ath-nuadhaich 
Anns gach pàirt thu cho buadhach: 
'S ni ro àrd e r'a luaid'h dhomh, 
Gu a chuir 'san uair so an cèill; 
*S gu'n mo chomas ach suarach, 
Gus do theist thogail suas leam, 
'S gu'n mo chliù-s' ort ach luatha 
G'a cur air snuadh do ghlan-sgèimh. 

r huaradh crcidimh o Dhia leat 
Air an ìobairt choimhlionta, 
Dhaingnich còir tha neo-chrìochnach 
Dhuit gu siorruidh 'na shìth, 
Fhuair thu'n Spiorad mar thiodhlac 
A rinn do bhuadhan a riaghladh, 
Chum an cleachdadh 5 na rian-san 
A rinn do lionadh le 'ghaol: 
Ghineadh clann ann an Criosd leat, 
Air do bhrollach chuir cìochan 
Chum an altrom mar chìochrain, 
Le bainne fiorghlan gu'n ghaoid, 
Lag a's làidir 's am meudachd, 
A rèir am fàis anns an diadhachd, 
Mar stiùbhard glic rinn thu'm biadhadh 
Oir bha'n fhialachd dhoibh saor. 



Bha thu 'd'f hirean treun buadhach 
Air carraig slàinte do-ghluaiste; 
Bu shaighdeir dìleas bha stuam' thu 
Gu treun tòirt buaidh air feachd nàmh 
Gidheadh mar naomh fad do chuairte, 
Anns an t-saoghal cha d'f huaradh 
Aite fuirich bhiodh buan leat, 
Gu gabhail suaimhneis no taimh, 
Chum thu agad na fhuair thu 
'Sna h-uile ceum anns na ghluais thu, 
'S tù coiseachd teann le dian luas-ruith 
A chum na duais 'bha gu h-àrd, [duit 
'S ge d' bha do naimhdean mu'n cuairt 
A' cur 'nan geimhlean gu cruaidh ort, 
Do dhlighe Chriosd t-f hear còir-fuasg- 
Cha d'f huair an diabhul uat càil. [laidh 

Bha do bhuadhannan nàdurr' 
O's ceann mhòrain 'nar là-ne, 
Farsuing fosgailt' am pàirtibh 
Mar thaisgeach làn bha do òflridir: 
'S tu gabhail beachd air mhodh àraid 
Air glòir a's mbrachd an àrd-righ, 
Air oibre cruthaichte a làmhsan 
'San doimhne, air làr, 's os do cheann, 
'S do fhradharc sùl ge do dh'f hàg thu 
Ri aimsir t-òige 'nad phàisde, 
Fhuair thu dùbladh na àite 
Gu d' ùngadh, slàinte an Righ, 
Och mo bhròn 's m'aobhar nàire 
Ge d' tha mi mealtuinn mo dhà shùl, 
Nach robh mi faicinn mar bha thu 
Ri faicinn 's iad ort a dhìth. 



Leis mar lìonadh o'n àird' thu 

Leis gach tiodhlaca gràsmhor, 

A ehur rian air do phàirtibh 

A' theagasg chàich air gach àm, 

Le faire dionaidh bu ghnàth leat 

Bhi cur an cèill dha do chàirdean, 

Gach inneal gleusaidh bha'n nàmhaid 

A' cur an àird' gus an call, 

'S tù faicinn cuilbheartan shàtain 

A' sgrios na'm mìltean gu'n tearnadh, 

Bha t'anam fireanta cràiteach 

'S do chridhe 'ga fhàsgadh 'gu teann 

'S a thaobh mar ghleusadh le gràs thu 

'S le beò eud chum an slàinte, 

'S tric a dh'eubh thu nach b'fheaird iad 

Luchd-teagaisg fàs nam balg mall, 

Is aobhar nàire do mhòran 
A shealbhaich tàlannan mòra, 
'Sa thogadh suas ann am foghlum 
Fo ainm bhi beò 's iad fo'n bhàs, 
Nach d' ruith a' choi-lige còmhladh 
A chumail coiseachd 'san ròd riut, 
A ghlac an crann na do dhòrnaibh, 
'S nach d' sheall ri d' bheò air do shàil 
O nach do bhrist iad na còrdaibh, 
A cheangail teann ris an f heòil iad 
A dh'f hàg neo-f heumail 'nan lò iad, 
Gu sliochd thoirt beò a' chum fàis, 
Is nach robh 'n anmaibh an còmhnuidh 
Fo chumhachd teagaisg am beòil duibh, 
A dh'f hàgadh èifeachdach beòthail 
E 'shluagh ro'-òrduicht' saor ghràis. 



9 

Is mar a lionadh le eud thu (adh, 

Mar shearraig nuadh bhiodh gu reub- 
Air taobh aobhar an Lèigh sin, 
A leighis creuchdan do chridh' 
Thogadh fianuis gu treun leat, 
An aghaidh teagaisg 's mi-bhèusan 
Chinn-iùil nan dall bha gun lèir-sinn, 
'S nan naimhdean geur a bh'aig Ios' 
Mar bacadh tròcair Mhic Dhè iad, 
Rinn thu dhearbhadh 'sa shèuladh 
Air dhoibh bhi trom fo'n an-aoibhinn 
Gur sgrios-lèir dhoibh bu chrìoch, 
'S cha b'ann a mhàin le do bheul 
A rinn thu 'chaismeachd sin èigheach, 
'S do bheatha sìr chur an cèill doibh 
Gu'm b'aon bha ceusd thu le Criosd. 

'S ni bha ghnàth 'ga do Ieònadh 
Bhi faicinn rian an luchd-treòraich, 
An aghaidh 'n teagaisg 's an eòlais 
Air reachdaibh glòrmhor 'n àrd-righ, 
'Sa toirt dearbhaidhean mòr air, 
A' chliù th'air gràsan Iehobhah 
'S an gnàth toirtfianuis 'sacòmhdach, 
Nach b'ionann beòil doibh is cridh'; 
Freumh gach uilc bhi fo'n chleòca 
Gaol an airgiod bu mhò leo, [dheirc 
Mar shaibhreas 's buannachd a b'òir- 
Na masladh 's bròn fo chuing Chriosd, 
'San cleachdadh fèin air an dòigh sin 
'Se toirt na brèige da'n còmhradh, 
'Sa mhuinntir eudmhor an còmhnuidh 
Fo lotaibh mòra da'ntrìd. 



10 

'S ged' bha dìomhanas sgrìobhta 
'Na do shealladh gach aon uair, 
Air gach ni bh'anns an t-saoghal 
De'n d'rinneadh ìodhaii do mheall, 
A's ann bhiodh t'anam fo ìoghnadh 
Ag amharc nitheanaibh tìmeil, • 
'S tu faicinn làmh fir do ghaoil annt' 
O! b'e do shìochaint gach àm 
Bhiodh tu sealbhachadh milseachd, 
Anns an tròcair à' b'ìsle 
'S ann a mheasadh a prìs leat, 
' Se luach na h-ìobairt a bh'ann 
'S gedbugheall-daingnich iad daonnan 
Dhuit-s' air lànachd t'Fhir-saoraidh 
Timchioll-ghearrta bha do chridh' leo, 
Gu dlùth air Criosd o's do cheann. 

'Nuair bu dlùith' bhiodh do chòmhradh 
Air nithc talmhaidh no feòlmhor, 
Bha 'n earail naomh a thug Pòl dhuit 
An cleachdadh beò na do chridh, 
Bhiodh do chainnt an deadh òrdugh 
Fo bhlas ùr-labhraidh an còmhnuidh, 
Le salann gràis a chum fòghluim 
'S cha b'ann gu connspaid no strì, 
Bhiodh t-inntinn shuas ris a' ghlòir sin 
Air 'n do dhaingnicheadh còir dhuit; 
Lìont' le iongantas sòlais 
'S tu 'mealtuinn dòchais làn-chinnt, 
Air na beannachdan mbra 
Tha'n co-cheangal siorruidh na tròcair, 
Tre'n mheasadh tìm leat ro òirdheirc 
Ach air mhodh sònraicht' ro fhaoin. 



11 

Ge d' mheasadh aimsir diom-buan leat 
Mheasadh tìm leat ro luachmhor, 
A chleachdadh dìchioll a's cruadail 
Air taobh an Uain fad do là, 
Do shìochaint fèin 'dheanamh suas ris 
Cha b'e a mhàin bh'ort mar uallach, 
Ach anmaibh gràsmhòr a shluaigh-san 
A thogail suas dha do ghnàth, [ibh 
'S o'n ghabh thu chuing air do ghuail- 
Gu dol tre dheuchainnean cruaidhe 
B'e do chrìoch mar f hear-cuairte, 
Do thoradh suas a bhi fàs 
'S do shùil a ghnàth togta suas ris, 
An dùil ri gràs an àrd-bhuachailF 
A chum do shaothair 'bhi buadhach, 
Gu anmaibh truagh 'thoirt gu slàint'. 

Bha thu truacanta bàigheil 
Ris na braighdean bu tràilleir, 
A bhà 'nan ciomaich aig sàtan 
'Gan cumail làidir fo dhaors', 
'S t'innidh thròcair làn gràidh dhoibh 
Ge d' b'iad do naimhdean 's t'eascàird- 
B'e t'f hìor dhùrac tre ghràs doibh [ean 
Gu sealbhaicht' slàint' leo gach aon 
A thaobh do chaoimhneis dod'chàirdean 
A bha tre Chriosd duit na'm bràithrean, 
S ann bha do mhaoth-chridh' gu làthail 
Cur thairis làn doibh le gaol, 
'S tu giùlan ìomhaidh an t'Slànuighear 
Anns gach buaidh agus pàirt dhiot, 
S mòr^a chìte 'na d'fhàiltibh 
Dheth 'naomhachd àluinn ro chaomh. 



12 

Fhuair thu neart 'na do ghàirdean 
Gu bhi gleachd ann an tàbhachd, 
Fo na h-airm nach do dh'f hàilnich 
Rinn treun thu 's làidir fo d' cheann, 
A chaidh a mach 's gach cruaidh chàs 
An aghaidh armailt an nàmhaid [leat 
Air 'n tugadh buaidh fad do là leat, 
Ge d' bha e ghnàth ort an geall 
Ach fo cheannard do shlàinte 
Bhrùth do naimhdean fo d' shàiltibh 
Is chuir thu'n ruaig anns gach blàr orr', 
'S do chlaidheamh sàitht' annt gu teann 
Bhiodh amhladh mòr air feachd shàtain, 
Ag èisdeachd gleusaidh do chlàrsaich* 
ls t'iollach f huaimneach buaidh-làraich, 
'N uair bhiodh an àirc 'na do chàmp. 

'S mar bha t'anmhuinneachd làthail 
A' cur feum air ùr ghràs leat, 
B'e do bheus bhi fein-àicheil 
Cia cho àrd 's bhiodh do bhuaidh, 
'S faire shònraicht' a ghnàth ort 
Nach deanta dìmeas no tàire, 
An cor ìosal air gràs leat | 

Ach g'a àrdachadh suas: 
Cha b'ann le lòchran a mhàin 
A dh'imich Dòmhull tre'n fhàsach, 
Ach ola an còmhnuidh o'n lànachd 
Nach do thràigh fad do chuairt, 
Tre fhèin-f hiosrachadh gràsmhòr 
'S tric a theagaisg thu chàch e, 
Nach b'ann uatha fèin a bh'an slàinte 
Ach tre f heartaibh blàth fuil an Uain. 



13 



Dò sholus naomh rinn thn leanmhuinn 
Le cogais mhaoth agus anmhunn, 
Is t-inntin chaomh cho neo-mharbhant' 
O's ceann na talmhuinn do ghnàth, 
Fhuair thu'n saoghal na chealgair 
Le bhrionnal baoth cho neo-earbsach, 
'S gun chuir thu thaobh e le 'shalchar 
Mar phlaosgaibh falamha gun stàth, 
Bu ghaisgeach treun thu 'bha calma 
An aghaidh sèisdeadh nan garbh-chath, 
'S tu air do ghleusadh fo t-armachd 
Uchd-è'ididh 's ceann-bheairt na slàint', 
Gach ni bh'an dèigh air-sgrios t'anma 
Rinn thu cheusadh 's a mharbhadh, 
Is chlaoidh thu'n f hèin toirt beul balbh 
Gu'n chomas labhraidh ach gràs. [dhi' 

Bha do bhuadhaibh 's do ghràsaibh 
A' eo-chòrdadh gun f hàillinn, 
Ge d bha'n f heòil 's a gath sàithte 
Le teachdair shàtain a'd dhè'igh, 
B'f hìor fhear-leanmhuinn air Paul thu 
Fad do chuairte tre'n fhàsach, 
'Giùlan uallach an àlaich 
Is cùram gnàthaicìit' an treud, 
Bha'n ro-chùram-san làthail 
A' luidhe dlùth riut mu t-àirnibh, 
Is èallach tròm aig cathair-gràis ort 
Far 'm bu ghnàth leat bhi treun, 
'San Spiorad uchdmhacaich o'n àird ort 
Aig èigheach suas ri d' naomh Abba, 
Gu'n cumta suas iad 's gach gàbhadh 
A chum's nach tàrladh dhoibh beud. 



14 

Thugadh gliocas a's ciall duit 
A ghlacadh shionnach chum dìonaidh, 
Dearcan òg nan crann-fiona 
Mu'n rachadh 'n crìonadh *à iad maoth, 
Bha do phuincibh cho fior-ghlan 
'S chò geur-rannsachail dìomhair, 
'S nach tugta fasgadh do shìon leat 
A bhacadh diadhachd le daors'; 
Is t'f haicill dlùth mar an ceudna 
Nach mùchte gràs cia cho ìosal, 
A dh'f haodadh sàtan le lìontaibh 
A chumail shìos fo chruth gaoid, 
Ach 'cumail taic' ris le dian-spairn 
An aghaidh innleachd an diabhuil, 
'S an t-ionmhas làn bha ò Dhiadhuit 
Cuir buil air t'iarrtuis gu saor. 

3 N uair dh'fhosgladh suas duit gu fial- 
Stòr na'm beannachdan siorruidh, [aidh 
} S a rinneadh stiùbhard le Dia dhiot 
A chum a riaghladh gu saor, 
Bhiodh pailteas lòin do na cìocraich 
Is uisge beò do na h-ìotmhoir, 
'S do na leòntaibh sàr-iocshlaint 
A ghlanadh iorbhail gach gaoid, 
Gach soitheach falamh bhiodh lìonta 
Dheth'n ola a' dhìoladh na fiachan, 
*'S cha bhiodh aon diubh nach riaraicht' 
A nuas bho lìontachd na maoin 
Oir bha'n t-ionmhas ud siorruidh, 
Is creidimh 'gabhail coimhlionaidh 
Air nageall'aibh ^0^-^^^^^^^^^^^; 
A cuan neo-chriochnuicht' a ghaoil. 



15 

Gheibheadh lomnochdaich èideadh 
Is balbhain fosgladh am bèil ann, 
'S lotan chridheachan rèubta 
Leigheas chreuchdan is leòn, [air 

A 'neach bha caillte bhiodh deadh-sgeul 
Is gheibheadh anmhuinneachd trèine, 
'Sa neach bha'n dorchadas lèirsinn 
Is laigse an euslaintich treòir 
Is luibhre a' glanadh o 'brèine, 
'Sgach cneidh-ghalair no eucail 
Is uisgibh Iordain làn èifeachd, 
Qu'n toirt gu sgèimh mar bu chòir, 
Dh'fhàs Abana neo-spèiseil 
'S fhuaradh Parphur gun f heum dhoibh 
Buailt' le plàighean na h-Eiphit, 
'S an uillt nach faoidte leò an òl. 

'S an uair a shileadh an driùchd ort 
Bu treun an gleachdair thu 'g urnuigh, 
'S do chridh' teth cho maoth-bhrùite 
'S tu tagradh dlùth trìd an Uain, 
T'innidh ghràidh an geur-dhùrachd 
Fo f hrasaibh blàth nan gràs ùraich, 
A' mealtunn làthaireachd a' ghnùise 
Is deatach tùise a' dol suas, 
B'f heairde neart na caol-sùmid' sin 
Is b'f heairde taic na cuilc bhrùite, 
Toradh blà t'ìobairt-ehùbhraidh 
Dheth 'n ola ùngaidh a nuas, 
Gheibheadh doill an sàbh-shùl ann 
Is bacaich leumnaich gu sunntach, 
S rach' òighean cadail o dhùsal 
Is mairbh a' dhùsgadh ò'n suain. 



16 

Leis cho eòlach sa dh'f hàs thu 
Air fear-casaid nam bràithrean, 
Tha ri foireigneadh an àlaich 
'S gan toirt a ghnàth leis a thaoibh, 
Bha do mhaoth-chridh' cho bàigheil 
'S gu'n rach' tu sios air a sgàthsan, 
Do'n doimhne g'an tearnadh 
'San toirt o mhàig an droch aoin, 
'Ga leantuinn fein air an sàiltibh 
A chum 'nam baideal a b'àirde, 
Do chruth chosamhlachd shàtain 
Ri obair gràis anns na naoimh, 
Is cùram mòr ort mu'n tàrladh 
Le Prionnsa Thìruis an àrdain, 
Gu'n sgriosta a h-aon diubh le bàs 
An neo-thimchioll-ghearrt ann an cridh. 

Nuair ghairmeadh t'anam do'n t-suaimh- 
Dh'ullaich àrd-righ nam buadh [neas, 
Bu ghoirt cràiteach an sluagh sin, [dhuit 
A bha mu'n cuairt ort a ghnàth 
Bu fhrasach deòir air an gruaidhean, 
'San cridhe leòinte fo chruaidh-chàs 
Do thigh bu Bhòchim e'n uair sin, 
Le gal nan truaghan thu dh'f hàg, 
'S cha b'ioghnadh mor ged bu chruaidh 
Air fuil 's air feòil do thoirt uatha [e, 
Sàr oid'-altrum cho luachmhor, 
A thogail suas uath' cho tràth, 
'S ged b'aobhar bhròin e cho luath leò 
'Sa chaill iad comunn an uasail, 
Bha caoimhneil carthannach truasail 
f S an anmaibh fuaighte riut an gràdh. 



17 

Bha thu'd chobhair gu fuasgladh 
Air na bochdan fo thuairgneadh, 
Bhiodh aig osnaich fo smuairin 
Fo thuinn 's mi-shuaimhneas an sàs, 
B.'iuchair-f hosglaidh bha buadhach 
Air cor nam deòraidh 's nan truaghan 
A bhiodh le sàtan g'am buaireadh 
'S 'gan cur 's gach uair fo chruaidh-chàs 
Is iomadh eire a's uallach 
A bhiodh ro throm air an guailnibh, 
O'n d'fhuaradh saors' iomadh uair leò 
'N uair ghlaoidhte suas leat nan ainm, 
Sa spealgta an cuibhreach gu luath dhiù 
Fo ghiallaibh bàis bhidh làn-bhuaidh ac 
5 S bhiodh cliù saor ghràis a dol suas leò 
Chum gloir àrd-bhuachaill an slàinte , 

Nuair thigeadh 'n làn sin a nuas ort 
Gheibheadh peacaich iom'-ruaigte, 
Fo dhìteadh cogais 'slàn uamhais 
'S fo throm uallach a's sgìth, 
Fois do'n inntinn thonn-luaisgte 
Saorsa o gheimhlichibh cruaidhe, 
'San Spiorad naomh gu treun buadhach 
'Gan toirt gu suaimhneas le sìth, 
'San crìdhe reòit bha fo'n fhuar-dhealt 
Thigeadh beò le crith-ghluasad, 
Is anail bheòil Righ nan sluagh ort 
A' teachd a nuas mar threun ghaoith, 
'S am fear bu treise 'se 'n uachdar 
Is creach an t-sàtain ga fuasgladh, [neach 
'S bhiodh ceòl do ghàirdeachais fuaim- 
Toirt sgrios air cluain an droch-aoin. 



18 

Fhuair thu gealladh ro àraidh 
A choimhlionadh a'd' là dhuit, 
Clann do chloinne fo àrach 
An t-soisgeil ghràsmhoir ri d lìnn, 
Righ nan uamhas 'nuair thàinig 
Cha d' chuir e fuathas no sgàth ort, 
Cha robh gath anns a' bhàs dhuit 
Ach gairm o àmhghar gu sìth, 
Thàinig samhradh an àigh ort 
Theich gach duibhre agus sgàile, 
'S cha tig oidhche gu bràch òrt 
Do sholus làn bidh a chaoidh, 
Dh'f hàg tliu Senir 's Amana 
'S gach leomhan's bèisd a bhatàmh annt 
Do bheinn a mhirr is tùis aloes 
Thug Aingle thu'n làthair an Righ. 

'S ged tha do chomharair fhalmh'cha' 
Shìos fo f hòidean na talmhuinn, 
Tha t-fhianuis beò gu bith-labhraidh 
Ris na h-aingidh 'san t-saoghal, 
' S mar tig gràs orr' ri aimsir 
'Gan toirt beò tre'n ath-ghineamhuinn 
Chi iad Domhul ge d dh'fhalbh e, 
A' teachd an armailt nan naomh 
A nuas o nèamh chum a dhearbhadh, 
Nach breug no sgleò bha na shean'chas 
'Sa chur Amen ri binn-damnaidh, 
An dream a dhearmaid an saors', 
A dhionnsuidh lèir-sgrios d'an anmaibh 
Gu ifrinn-theinteach g*an tearbadh, 
Gu cuan neo-chrìochnach gu'n tean'cas 
Do dh'ionmhas feirge nach tràigh. 



19 

'Se sin an t-àit am bi a ghairstinn 

Anns na lasraichean feirge, 

Is gath na eogais g'an teirbheart 

'S deimhnibh foirèigneach g'an cràdh, 

'Nàmhunn-ghoilteach is deirge, 

Is tonn air thonn a sìor ghairm dhoibh 

Air peanas peacaidh ni's gairge, 

'Sa dol an gairbhead gach tràth 

O'n cliuir iad cùl ris an tairgse, 

Bidh teas na f ùrneis nis seirbhe [dhoibh 

'Sa deatach smùidreach bidh doirbh 

Gun dùil ri teanacas gu bràth, [ainn 

'S ma mheas iad Domhul air mhearach- 

'Nuair chuir e'n cèill doibh an amaladh, 

Innsidh siorrufdheachd d'an anamaibh 

Gu'r iad gu dearbh' a bha baoth. 

Ach'n àm bhi tional an iarmaid 
A ghineadh Tesan an Criosda, 
Na shaothair-ghràidh anns an f hìonlios 
Tre f heartaibh siol-chur nan gràs, 
'Sa thèid an gairm-san gu fìalaidh 
G'an togail suas anns na neulaibh, 
An còdhail àrd-righ na siochaint 
An culaidh chiataich gun sal, 
'Sa sheasas Domhul 'na fhianuis 
Air ceann a shliochd nancruth-fiorghlan 
Na thrusgan maiseach geal sgiamhach, 
Le gnùis gun f hiamh ach gean-gràidh 
'San glaodh e'n àird le beul lionta, 
Feuch mis' sa chlann 'thug Dia dhomh 
A' mhealtuinn sòlais ion-mhiannuicht', 
An tobair shiorruidh nach tràigh. 



20 



O'n fhuair iad fois ann an Criosda 
Le'n chuir iad dòchas 'na ìobairt 
Tre chreidimh beò air fuil phrìseil, 
Bhiodh dhoibh mar ioc-shlàint an slàint' 
Air dhoibh bhi 'g osnaich gu h-ìosal, 
Bha corp a bhàis dhoibh na Phriosan 
'S ge d bha gleachd ris na phian doibh 
Bha suaimhneas sior'uidh do'n ghràdh, 
B'e sud an sòlas a lion iad 
An dùil an còmhnuidh làn mhiann air, 
'S nuair thig cò-làmh an triall dhoibh 
'S iad làn choimhlionta na làthair, 
Bithidh aobhar glòraich air Dia ac' 
Feadh linn nan linntibh gu siorruidh, 
Gu'n ghairmeadh Domhul g'an spion- 
A mach a liontan a bhàis. [adli 

Ach tha thu nis anns na nèamhan 
Le d chlàrsaich òir air ùr-ghleusadh, 
'S cha lagaich fuaim a cuid tèudan 
O sheinn laoidh èibhinn an Uain, 
Cha chuir sruth Bhabiloin èis ort 
O sheinn air glòir nan làithean rèite, 
Chriochnuich bròn bùthaibh Chèdair 
'S cha'n i tìr Mhesech do chuairt, 
Ach ionad còmhnuidh an Dè sin 
A rinn le 'ghlòir do làn-eideadh, 
Cha tig sgleò air do leirsinn 
'S cha'n fhaicear deur air do ghruaidh, 
Is gearain cràiteaeh fo dheuchainn 
Cha tig gu bràch o do bheul ann, 
Ach sonas lànachd nach trèig thu 
Le Aingle treun ort mu'n cuairt. 



21 

'Se neo-fhoirfeachd an tràthsa 
Tha mar easbhuidh a mhàin ort, 
Nach robh Diomhair an t-Slànuighear 
'Na iomlàineachd leat shuas, 
Ach ? na àm thig an là sin 
'S nach bi easbhuidh no fàilinn, 
Air bhùill-ean dheth lànachd 
Nuair thig an t'àrd-Righ a nuas, 
Bìdh an cuirp mar ghlaine a' dearsadh 
Air a ghlanadh 'san àmhuinn, 
'Sa'n loisgear suas na h-eas-càirdean 
Le'n d'rinneadh tàir air an Uan, 
'S bìdh an auma geal a sìr dhealradh 
'San com cho cuimte san aon nàdur, 
An aonachd ghlòrmhor ro àluinn 
Nach sgar am bàs gu bith-bhuan. 

Ach tha sinne air ar fàgail 
As do dh&gh anns an f hàsach, 
A dol fo bhròn tre ghleann-Bhàca 
'Sa Dhè* bi ghnàth air ar stiùir, 
'S lion do thobraichean làn dhuinn 
Slochdaibh dionach neo-thràighte, 
'S thoir dhuinn ciochan bhios slàinteil 
Mu'n tèid sinn bàs leis a ghrùid, 
Thoir sinn beò le t'ùr-ghràsaibh 
'S daingnich còir dhuinn na t'fhàbhar, 
'S ullaich lòn dhuinn g'ar n-àrach 
'S bi fèin a ghnàth aig ar bùird 
Thoir dhuinn innealaibh-tàir'nidh 
A chum gu'n deòthlair ar sàth leinn, 
Do ionmhas sòlais na lànachd 
Tha'n cliabh an t-Slànuighear chiuin. 



22 
Cum bho dhion o na tairbh sinn 
Oir tha'm bùireich a' seirm ruinn, 
'S dion fo'd sgàil sinn o ghairbhinn 
Droch cuideachd choirbte a mhi-rùin, 
Dean ro chlnnteach do ghairm dhuinn 
Sgeaduich diongmhalt' fo t-airm sinn, 
'S dean dhinn saighdearan eirmseach 
Is aimsir dhoirbh oirnn teachd dlùth, 
Dìon o chlosaich a' mhairbh sinn 
'S dìon o thrombaid na foirm sinn, 
Na biodh t'f hacal gu'n tairbhe 
Ach ro shoirbheasach dhuinn 
Na fag air cladach na failbh' sinn 
Thoir fo sgàil nan craobh-pailme sinn, 
'S bi na d dhìon o gach stoirm dhuinn 
Is neul na feirge o's ar ceann.